• AG ULLACHADH AIRSON ÈIGINN

Sponsored Links

  •   
  • FileName: dg_176629.pdf [preview-online]
    • Abstract: aiseag an sàs. Bidh na h-eacarsaichean seo a\' tomhas mar a bhios sinn ... air làimh, thoiribh dhaibh aiseag beul gu. beul fhad s a tha sibh a\' feitheamh air ...

Download the ebook

AG ULLACHADH AIRSON ÈIGINN
AM FIOSRACHADH A THA DHÌTH OIRBH
Clàr-innse
3 Tha an leabhran seo ag innse dhuinn dè th’ agaibh ri dhèanamh an àm èiginn
4 Comhairle san fharsaingeachd mu na nì sibh an àm èiginn
6 A’ gabhail gnothaich ri diofar sheòrsaichean èiginn
10 Na nì sibh mura bheil sibh aig an taigh
12 Ciad Chobhair bhunaiteach
14 Ag ullachadh airson èiginn – nas urrainn dhuibh a dhèanamh
16 A’ cuideachadh gus stad a chur air ionnsaigh le luchd-oillteachais
18 Dè thathar a’ dèanamh gus an Rìoghachd Aonaichte
a dhìon?
20 A’ cur fios an àm èiginn
21 Rudan rin cuimhneachadh
Tha an stuth a chaidh a chleachdadh san fhoillseachan seo air a dhèanamh suas de 75% de thruileis luchd-
caitheimh agus 25% de shnàithleach nàdarrach
Tha an leabhran seo ag innse dhuibh dè
th’ agaibh ri dhèanamh an àm èiginn
“Tha Comann Ullachadh airson na h-Èiginn den bheachd gu bheil an leabhran seo a’ toirt seachad comhairle a tha
prìseil agus ciallach dhan a’ phobal, a ghabhas cleachdadh ann an iomadach suidheachadh aig an taigh. Is e rud
math a tha ann gum bi a’ chomhairle seo aig a h-uile teaghlach.” Debbie Spargo, Ceannard, Comann Ullachadh airson na h-Èiginn
Tha an Riaghaltas ag obair gu dìcheallach gus a dhèanamh cinnteach gum bi an Rìoghachd Aonaichte cho ullamh
agus a ghabhas ma dh’èireas èiginn agus tha e cudromach gum bi sibh fhèin ullamh cuideachd. Le bhith ullamh
agus fiosraichte, faodaidh sibh lùghdachadh nach beag a dhèanamh air a’ ghàbhadh do bheatha agus do sheilbh.
Bheir an leabhran seo fiosrachadh dhuibh mun dòigh san urrainn dhuibh sibh fhèin agus an teaghlach agaibh
a chuideachadh an àm èiginn. Tha mòran den fhiosrachadh seo stèidhichte air comhairle a tha ciallach agus
toinisgeil agus is dòcha gum bi an coltas air gu bheil e tuilleadh is follaiseach dhuibh ach tha e air beatha a
ghleidheadh san àm a dh’fhalbh. Leigidh e fios thugaibh cuideachd dè chaidh a dhèanamh gus an rìoghachd
againn ullachadh agus a dhìon o chionn beagan bhliadhnaichean.
3
Comhairle san fharsaingeachd mu na nì
sibh an àm èiginn
Ma thachras dhuibh a bhith am meadhan èiginn, bidh ur toinisg agus tùr gur stiùireadh mar as trice. Tha e
cudromach, ge-tà, gun dèan sibh na leanas:
Dèanaibh cinnteach gun deach fios a chur gu 999 ma tha daoine air an leòn no ma tha beatha an cunnart
Na cuiribh sibh fhèin no daoine eile an cunnart
Gabhaibh comhairle luchd nan seirbheisean-èiginn
Dèanaibh oidhirp air gabhail air ur socair agus breithnichibh mus dèan sibh càil agus dèanaibh oidhirp air
misneach a thoirt do dhaoine eile
Seallaibh a bheil leòn sam bith ann – cuimhnichibh air cuideachadh a thoirt dhuibh fhèin mus dèan sibh
oidhirp air cuideachadh a thoirt do dhaoine eile
Mas e ‘s nach do bhuail an tubaist oirbh fhèin ach gu bheil sibh faisg air làimh no ma tha sibh den
bheachd gu bheil sibh an cunnart, is e a’ chomhairle, mar as trice:
Rachaibh am broinn togalaich a tha slàn sàbhailte
Fuirichibh na bhroinn gus am faigh sibh comhairle a chaochladh a dhèanamh
Dèanaibh cluas ri èisteachd ri radio no telebhisean ionadail airson barrachd fiosrachaidh
Gun teagamh, bidh amannan ann an-còmhnaidh nuair nach bu chòir dhuibh “dol am broinn” togalaich, mar
eisimpleir ma tha teine ann. Mura bheil: RACHAIBH NA BHROINN, FUIRICHIBH NA BHROINN, DÈANAIBH CLUAS
RI ÈISTEACHD.
4
Rachaibh na bhroinn, Fuirichibh na
bhroinn, Dèanaibh cluas ri èisteachd –
thathar ag aithneachadh agus a’
cleachdadh na comhairle seo air feadh an
t-saoghail. Chaidh a leasachadh le
Comataidh-stiùiridh Neo-eisimeileach na
Rìoghachd mu bhith a’ Toirt Rabhaidh agus
Fiosrachaidh don Phoball mar a’
chomhairle choitcheann as fheàrr ri thoirt
do dhaoine anns a’ cuid as motha de
shuidheachaidhean èiginn. Tha aonta le buidhnean radio agus
telebhisein gum brisear a-steach air
prògraman ma tha èiginn mhòr ann gus
comhairle mu thèarainteachd phoblach a
thoirt do dhaoine mu na thachairt gus am
faigh sibh a’ chomhairle a tha dhìth oirbh
ma chuireas sibh AIR GHLEUS gu h-ionadail
no an àite sam bith san Rìoghachd Aonaichte.
Rachaibh na bhroinn, Fuirichibh na bhroinn,
Dèanaibh cluas ri eisteachd
Dèanaibh cluas ri èisteachd
5
A’ gabhail gnothaich ri diofar sheòrsaichean èiginn
Tha luchd nan seirbheisean-èiginn air an ullachadh gus dèiligeadh ri tomhas farsaing de shuidheachaidhean
èiginn ach tha tòrr a nì sibh gus iadsan agus sibhse a chuideachadh.
Lùghdachaibh ìre nan gàbhaidhean teine aig an taigh
Cuiribh a-steach innealan-rabhaidh teine agus gleidhibh iad – co dhiù aonan air gach làr
Bidh a’ chuid as motha de shuidheachaidhean far a bheil daoine a’ dol bàs no gan leòn ri linn teine
a’ tachairt nuair a tha iad nan cadal. Cruthaichibh rathad-teichidh mus èirich teine san oidhche
Ma tha teine ann, teichibh a-mach, fuirichibh an sin agus cuiribh fios gu 999
Na cleachdaibh an t-àrdaichear aig àm sam bith
Ma tha sibh a’ gluasad no air ur bacadh ann an toit, cumaibh gu dlùth ris an làr far an glaine an àile
Ma tha doras teth, na fosglaibh e oir is ro dhòcha gun bheil seo a’ ciallachadh gu bheil teine air
an taobh thall
Cuimnhichibh – na tillibh dhan taigh a-chaoidh gus a bheil Seirbheis an Teine is na Tèarainteachd
air a dhèanamh sàbhailte
Bacadh is tèarainteachd teine
6
“Chan eil tèarainteachd ri linn teine san taigh air atharrachadh agus ma bhios teine ann, “Fàgaibh”,”Fuirichibh
A-muigh” agus “Cuiribh Fios air an Inneal-smàlaidh” le bhith a’ cur fios gu 999. Na tillibh a-chaoidh dhan taigh
gus an innis an Luchd-smàlaidh dhuibh gu bheil e sàbhailte a leithid a dhèanamh.”
Jeff Ord, Neach-sgrùdaidh na Bàn-righ airson nan Seirbheisean Smàlaidh
Ma tha rabhadh boma san àite-obrach agaibh, gabhaibh comhairle luchd-rianachd.
Ma spreadhas boma san togalach agaibh, lorgaibh an t-slighe a-mach as tèarainte.
Ma thèid ur glacadh ann an sprùilleach:
Cumaibh dlùth ri balla agus dèanaibh cnag air pìoban gus an cluinn luchd-teasairginn sibh
Na cleachdaibh lasadairean gun fhios nach sgeith gas
Ma spreadhas boma an taobh a-muigh ur togalaich, fuirichibh na bhroinn (air falbh bho uinneagan,
àrdaichearan agus dorsan a-muigh) gun fhios nach eil boma eile air an àrainn.
Mas e ‘s gum faca sibh an spreadhadh, fuirichibh air an àrainn ann an àite tèarainte agus innsibh dan
phoileas dè chunnaic sibh.
Bomaichean
7
Chaidh an Luchd-smàlaidh uidheamachadh beagan bhliadhnaichean air ais gus àireamh mhòr dhaoine a
dhì-thruailleadh gu math luath. Bithear a’ dèanamh seo le bhith a’ frasadh le siabann agus uisge agus an
uair sin a’ sgeadachadh ann an aodach sealach air a thoirt seachad. Tha e cudromach gun tachair seo far an
do dh’èirich na dh’èirich gus nach bi àrainnean eile, mar an dachaigh, air an truailleadh. Nan robh feum air,
dhèanadh luchd seirbheis na slàinte sgrùdadh oirbh cuideachd.
Gluaisibh air falbh bhon àite as fhaisge cunnart
Ach fuirichibh gus an nochd luchd nan seirbheisean-èiginn gus ur sgrùdadh agus, ma tha feum air,
ur dì-thruailleadh
Ma thèid sibh dhachaigh gun leigheas is dòcha gun dèan sibh truailleadh air daoine eile agus gum
fàs an tachartas nas miosa
Tachartas ceimigeach, bith-eòlasach no radio-eòlasach (CBR)
Ma tha gearradh mòr cumhachd ann, cuiribh innealan dealanach dheth a thig air ais gu fèin-ghluasadach
leis a’ chumhachd – ma thòisicheas mòran aig an aon àm, ‘s dòcha gum bi cus air an t-siostam. Èistibh ri
radio ionadail airson comhairle agus naidheachdan le bhith a’ cleachdadh radio a tha ga ruith le bataraidh.
8
Tha planaichean èiginn anns a h-uile ceàrnaidh
Anns a h-uile den Rìoghachd
Tha am poileas, luchd-smàlaidh agus muinntir nan
fear de na carbadan-eiridinn air deuchainn a chur air
planaichean a tha mar fhreagairt air tachartasan,
suidheachaidhe bho theine gu spreadhadh, co dhiubh a tha iad aig an
taigh, san sgoil no a’ bualadh air dòighean siubhail.
an seo – Slàinte agus ospdalan
gabhaibh air ur Tha acainn-èiginn, stuth breac-a’-chruidh agus
antibiotaicean gan gleidheadh air feadh na
socair agus Rìoghachd agus gabhaidh iad a thoirt do lighichean
gun dàil.
èistibh ri Eacarsaichean planaidh èiginn
comhairle A h-uile bliadhna, tha mòran eacarsaichean gan
cumail anns a bheil muinntir nan seirbheisean-
muinntir nan èiginn agus na buidhnean uile a tha an urra ri
aiseag an sàs. Bidh na h-eacarsaichean seo a’
seirbheisean- tomhas mar a bhios sinn a’ freagairt air èiginn, agus
oillteachas, le bhith a’ cur deuchainn air cho ullamh
èiginn. agus a tha sinn.
9
Na nì sibh mura bheil sibh aig an taigh
Sgoiltean
Ma tha a’ chlann agaibh san sgoil bidh sibh ag
iarraidh an togail cho luath ‘s a ghabhas ma bhios
èiginn mhòr ann. Ach is dòcha nach bi e sàbhailte
sin a dhèanamh. Thoiribh CLUAS RI ÈISTEACHD don
radio ionadail airson comhairle agus fios mu na
chuir a’ chomhairle ionadail air dòigh gus fios a
leigeil do phàrantan cuine bu chòir a’ chlann aca
...tèarainteachd na cloinne
thogail bhon sgoil.
Tha planaichean aig na sgoiltean uile gus
dèiligeadh ri èiginn gu h-ionadail mar theine is thuil
agus bidh luchd-teagaisg agus luchd-taice a’
dèanamh nas urrainn dhaibh gus sùil a chumail air
a’ chloinn ris a bheil iad an urra. Gheibh sibh a-
mach barrachd mu phlanadh èiginn sna sgoiltean
bho www.ukresilience.info/home.htm
10
Gnìomhachas
Tha dleastanas air luchd-fastaidh mu thèarainteachd
agus shàbhailteachd an luchd-obrach aca. Bu chòir
gum biodh dòighean an sàs aig a h-uile gnìomhachas
gus gnothach a ghabhail ri mòr-thachartas no mòr-
thubaist. Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh a’
tuigsinn dè dh’fheumas sibh a dhèanamh ma bhios
èiginn aig obair.
Mas e gnìomhachas a th’ annaibh, airson comhairle
mu phlanadh èiginn, rachaibh gu www.mi5.gov.uk
tèarainteachd aig obair...
11
Ciad Chobhair bhunaiteach
"Bu chòir gum biodh a h-uile duine comasach air Ciad Chobhair bhunaiteach a thoirt do dhaoine air an leòn ann
an èiginn. Le bhith a’ gabhail comhairle sìmplidh agus a’ cur feum air toinisg, thèid beatha shàbhaladh.”
An Dr. Mac Armstrong, Prìomh Oifigear Leigheis
Tha e cudromach cudromach gum bi fios aig duine dè tha ri dhèanamh ann an èiginn. Nach gabh sibh beachd
air beagan ullachaidh ann an Ciad Chobhair fhaighinn agus san trealaich air a son ach am fàs sibh cleachdte
ris an dòigh san dèiligear ri feadhainn de na suidheachaidhean as bitheanta gu h-ìseal. Ma tha cuideigin air a
leòn, cumaidh na ceumannan a leanas cho sàbhailte agus a ghabhas gus an tig cobhair dhreuchdail.
Ma tha daoine air an leòn gu dona, cuiribh fios gu 999 sa bhad
Gabhaibh air ur socair
Dèanaibh cinnteach nach eil sibh fhèin agus an neach air a leòn an cunnart
Thoiribh cobhair dhan neach air a leòn gu faiceallach agus dèanaibh ga rèir a’ cur feum air na
ceumannan ann an Ciad Chobhair gu h-ìseal – cuimhnichibh nach e stiùireadh slàn ann an Ciad Chobhair
a tha ann idir
Cumaibh sùil air cor an duine air a leòn gus an nochd muinntir nan seirbheisean-èiginn
12
Ma tha cuideigin neo-fhiosrach is gun coltas Cumaibh smachd air cur fala a tha
beothachaidh orra, cuiribh fios gu 999 agus gàbhaidh le bhith a’ bruthadh gu teann air
iarraibh carbad-eiridinn. Ma tha an t-eòlas a an lot le ìoc-chòmhdach a tha glan agus
tha dhìth agaibh fhèin no aig cuideigin faisg tioram agus àrdaichibh i os cionn ìre a’
air làimh, thoiribh dhaibh aiseag beul gu chridhe. Cuiribh an neach sìos, thoiribh
beul fhad ‘s a tha sibh a’ feitheamh air misneach dha, cumaibh blàth e agus leigibh
muinntir nan seibheisean-èiginn. aodach a tha teann mu sgaoil.
Neo-fhiosrachd Sileadh fala
Le losgaidhean, fuaraichibh le uisge iad Feuchaibh gun cumar cho ciùin gun
fad co-dhiù 10 mionaidean. Paisgibh an ghluasad agus a ghabhas.
àrainn a chaidh a losgadh ann am fiolm
claonach, na cuiribh ìoc-chòmhdach oirre,
cumaibh an neach blàth agus cuiribh fios
air carbad-eiridinn.
Losgaidhean Cnàmhan briste
Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh no comhairle, rachaibh gu www.redcross.org.uk/firstaid no gu
www.firstaid.org.uk
13
Ag ullachadh airson èiginn –
nas urrainn dhuibh a dhèanamh
Gus ullachadh a dhèanamh airson èiginn, faighibh a-mach mu na leanas:
Mar a tha an t-uisge, an gas, agus an dealan gan cur air agus dheth san taigh agaibh
Na dòighean-obrach an àm èiginn don a’ chloinn agaibh san sgoil
Na dòighean-obrach an àm èiginn san ionad-obrach agaibh
Mar a chumas an teaghlach agaibh ceangal ribh ma dh’èireas èiginn
Ma tha nàbaidhean agaibh a tha aosta no so-leònte am feum cuideachaidh bhuaibh
Mar a chuireas sibh an stèisean radio ionadail agaibh air ghleus
14
Ma tha sibh aig an taigh nuair a dh’èireas èiginn, dèanaibh oidhirp air na leanas a chruinneachadh:
Liosta àireamhan fòn feumail mar àireamh an lighiche no an luchd-dàimh as fhaisge oirbh
Iuchraichean an taighe ‘s a’ charbaid
Stuth-ionnlaid, stuth-slàinteachais agus cungaidh-leigheis a bhios sibh a’ gabhail gu cunbhalach
Radio le bataraidh agus feadhainn a bharrachd
Biùgan, le bataraidhean a bharrachd, coinnlean agus lasadairean
Trealaich Ciad Chobhair
Am fòn-làimhe agaibh
Cairtean airgid agus creideis
Aodach agus plaidichean a bharrachd
Cuideachd, tha e an-còmhnaidh cuideachail a leithid seo a bhith agaibh:
Uisge ann am botal, biadh a ghabhas ithe san spot (m.e. ann an crogain) agus fosglair botail/crogain gun
fhios nach bi agaibh ri fuireach a-staigh fad làithean
Uair ainneamh ainneamh, is dòcha gun tèid iarraidh oirbh an dachaigh fhàgail le muinntir nan
seirbheisean-èiginn. Ma thachras seo, fàgaibh cho luath ‘s a tha agaibh agus air ur socair. Agus, ma
bhios tìde agaibh:
Cuiribh dheth an dealan, an t-uisge agus an gas, cuiribh goireasan dheth agus glaisibh na dorsan agus na
h-uinneagan uile
Seallaibh na nithean gu h-àrd feuch dè bheir sibh leibh
Ma dh’fhagas sibh ann an carbad, thoiribh leibh uisge ann am botail agus plaidichean agus cuiribh an
radio ionadail air ghleus airson comhairle agus fios èiginn
Nuair a thathar air innse dhuibh gu bheil e sàbhailte tilleadh dhachaigh, fosglaibh na h-uinneagan gus àile
ùr a leigeil a-steach mus cuir sibh an gas, an dealan agus an t-uisge air ghleus a-rithist.
15
A’ cuideachadh gus stad a chur air ionnsaigh
le luchd-oillteachais
“Thathar a’ dèanamh rannsachaidh mu na brathan Is dòcha gu bheil fiosrachadh glè chudromach agaibh.
uile a gheibhear air an loidhne bheò mus dèan am
Ma chluinneas sibh no ma chì sibh no ma thig sibh air
poileas càil. Fàgaibh againn fhèin dèanamh
dad a dh’fhaodadh a bhith ceangailte ri obair-
a-mach a bheil am fiosrachadh a tha
agaibh feumail gus nach eil. Tha feum
oillteachais, cuiribh fios chun a’ phoileis. Bidh iad ag
mòr againn fhathast air ur iarraidh chluinntinn bhuaibh.
cuideachadh gus lùghdachadh a Tha feum aig luchd-oillteachais air…
dhèanamh air a’ chunnart a beirr
luchd-oillteachais. Gu dearbh, chaidh Àite-fuirich: A bheil amhras agaibh mu luchd-gabhail no
stad a chur air àireimh de dh’eucoirean luchd-aoigheachd sam bith?
oillteachais mar sin mar thoradh air
sùilean agus cluasan a’ phobaill.” Planadh: Am faca sibh duine sam bith a’ toirt aire a-mach
Peter Clarke, Leas-choimisinear Cuideachaidh Co- às an àbhaist do cheumannan tèarainteachd san àite?
òrdanaiche Nàiseanta APCO Rannsachaidhean Oillteachais
Airgead: Is dòcha gun tòisich daoine cunntasan breugach
Faodaidh sibh fios a chur gu Loidhne Bheò banca, gum breacaich iad cairtean-creideis no gun cuir iad
a’ Phoileis an aghaidh an Oillteachais air bathar air ais airson suim mhòr airgid.
0800 789 321. Èistear ribh ann an Trealaich: Mas e neach-reic a th’ annaibh, a bheil adhbhar
sam bith agaibh a bhith amhrasach mu dheidhinn càil
dìomhaireachd. Ma tha sibh den bheachd
sam bith a cheannaich sibh?
gu bheil beatha an cunnart an-dràsta
fhèin, cuiribh fios gu 999. Comharraidhean oillteachais a dh’fhaodadh a bhith ann
16
Chan eil ar comas stad a chur air ionnsaigh luchd-oillteachais an crochadh air na h-ùghdarrasan
a-mhàin. Tha cho math is a shoirbhicheas leinn cuideachd an crochadh oirbh fhèin.
Gheibhear ceanglaichean ri fiosrachadh agus comhairle fheumail aig www.preparingforemergencies.gov.uk
"Is e bacadh an oillteachais an obair as cudromaiche do MI5. Ag obair gu dlùth le luchd-pàirteachaidh èigneachadh an
lagha agus fiosrachaidh, bidh sinn a’ feuchainn ris an Rìoghachd a chumail sàbhailte agus a dhèanamh doirbh do
luchd-oillteachais a bhith ag obair an seo. Ach tha aire, toinisg agus co-obrachadh a’ phobaill a-cheart cho cudromach
agus nan cuid riatanaich de fhreagairt na Rìoghachd anns an fharsaingeachd.”
Eliza Manningham-Buller, Àrd-stiùriche Seirbheis na Tèarainteachd (MI5)
Mar as trice, bidh ionnsaighean boma le luchd- Is e tèarainteachd a’ phobaill an rud as
oillteachais a’ tachairt ann an àiteachan cudromaiche dhuinn anns a h-uile co-dhùnadh
poblach, gu sònraichte far am bi daoine a’ mu fhiosrachadh no rabhaidhean poblach. Is e
cruinneachadh no a’ siubhal. poileasaidh an Riaghaltais rabhaidhean a thoirt
seachad nuair as urrainn don phoball
Bithibh furachail gnìomhadh mar fhreagairt air bagairt
Cumaibh sùil a-mach airson giùlan, carbadan shònraichte no air bagairt a ghabhas creidsinn.
no pacaidean a tha nan adhbhar-amhrais Bheir rabhaidhean mar sin barrachd fiosrachaidh
Na bithibh leisg idir fios a chur chun a’ phoileis cuideachd a chuidicheas am poball gus freagairt
nas èifeachdaiche a thoirt seachad.
An aire Poileasaidh an riaghaltais mu oillteachas
17
Dè thathar a’ dèanamh gus an
Rìoghachd Aonaichte a dhìon?
Tha am polieas, an luchd-smàlaidh agus muinntir nan carbadan-eiridinn air an ullachadh gus gnothach a
ghabhail ri èiginn agus tha uidheamachadh fa leth aca airson tomhas farsaing de shuidheachaidhean. Ma
tha feum air, faodaidh an Riaghaltas cobhair iarraidh air an arm agus air na seirbheisean èiginn.
Tha an ìre dham bheilear a’ rannsachadh bhagaichean agus luchd-siubhail ann am puirt-adhair na
Rìoghachd air a dhol am meud agus far a bheil e iomchaidh bidh itealain na Rìoghachd a’ giùlan
poileis ann an aodach cumanta. Thathar air dorsan làidir earball a’ choilich a chur air itealain
mhòra cuideachd.
Tha sinn cuideachd air siostaman ùr-nodha a chur a-steach gus sùil a chumail air gnothaichean aig
calaidhean agus ann an àiteachan far am bi daoine a’ tighinn a-steach don Rìoghachd. Cuideachd,
tha planaichean èiginn aig a h-uile gnìomharraiche còmhdhail gus ur toirt air falbh gu sàbhailte bho
na seirbheisean aca ma bhios èiginn ann.
Gus faighinn a-mach cho sàbhailte agus a tha ceann-uidhe no dùthaich àraid, iarraibh air an neach-
ionaid siubhail agaibh air neo air Oifis Ghnothaichean Thall Thairis agus a’ Cho-fhlaitheis aig
www.fco.gov.uk no fònaibh gu 0870 606 0290.
A’ siubhal
18
B’eudar dhan Rìoghachd tighinn beò agus bagairt
an oillteachais ann fad ùine fhada agus tha
Sa trì bliadhna a chaidh seachad, thàinig dòighean stèidhichte an sàs aig muinntir nan
feabhas air tèarainteachd mu ghoireasan seirbheisean-èiginn gus aghaidh a chur air tomhas
riatanach nàiseanta mar uisge, lùth agus farsaing de shuidheachaidhean.
chòmhdhail, agus comhairle mu
shàbhailteachd do ghnìomhachasan is do Tha clàr-obrach farsaing aig an Riaghaltas gus
dh’àiteachan is do laghan a dh’fhaodadh a freagairt nas fheàrr a thoirt air èiginn ùpraidich a
bhith an cunnart a dhaingneachadh gus a dh’fhaodadh buaidh fhàgail air an Rìoghachd, seach
bheil e nas dorra do luchd-oillteachais a an t-oillteachas a-mhàin.
bhith ag obair an seo.
Tha e mar amas aige a dhèanamh cinnteach gum
Feumar mòran den obair seo a chumail faod sinn freagairt a thoirt air èiginn aig ìre
dìomhair gus nach fhaigh luchd- nàiseanta, roinneil agus ionadail agus a dhèanamh
oillteachais grèim air fiosrachadh feumail. cinnteach gun cùm na seirbheisean riatanach (biadh,
uisge, còmhdhail, slàinte, seirbheisean ionmhais agus
a leithid) orra ag obair’.
Feabhas san Rìoghachd
19
A’ cur fios an ‘S dòcha gum biodh e feumail dhuibh am fios seo a lìonadh agus
àm èiginn a chumail ann an àite tèarainte. Bu chòir gum faigh sibh lorg air
na h-àireamhan seo nur leabhar-seòlaidh ionadail.
Ainm Àireamh Fòn
Seirbheisean-èiginn
SNS Dhìreach
Loidhne Bheò an aghaidh an Oillteachais
Oifis Ghnothaichean Thall Thairis agus a’ Cho-fhlaitheis
Stèisean a’ Phoileis Ionadail
Ùghdarrasan Ionadail
Dotair
Obair
Sgoil
Tricead (seallaibh sna pàipearan ionadail
Stèisean Radio Ionadail airson barrachd fiosrachaidh)
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu ullachadh an àm èiginn aig www.preparingforemergencies.gov.uk
20
Cuimhnichibh...
Ma tha sibh ann an èiginn sam bith, tha na leanas cudromach:
Dèanaibh cinnteach gu bheilear air fios a chur gu 999 ma tha daoine air an leòn no ma tha beatha an cunnart
Na cuiribh sibh fhèin no daoine eile an cunnart
Gabhaidh comhairle muinntir nan seirbheisean-èiginn
Fuirichibh air ur socair mas urrainn dhuibh agus breithnichibh mus cuir sibh an gnìomh agus dèanaibh
oidhirp air misneach a thoirt do dhaoine eile
Thoiribh sùil a bheil duine sam bith air a leòn – cuimhnichibh air sealltainn oirbh fhèin an toiseach mus
fheuch sibh ri daoine eile chuideachadh
Mas e ‘s nach do bhuail tubaist oirbh fhèin ach gu bheil sibh faisg air làimh no ma tha sibh den bheachd gu
bheil sibh an cunnart, is e a’ chomhairle mar as trice: RACHAIBH AM BROINN, FUIRICHIBH NA BHROINN,
DÈANAIBH CLUAS RI ÈISTEACHD.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig www.preparingforemergencies.gov.uk
Reubaibh an duilleag seo dheth agus cumaibh an àiteigin sàbhailte i mar fhiosrachadh dhuibh.
© Crown Copyright 2004
Faodar teacsa na sgrìobhainn seo a bhreacadh saor an-asgaidh ann an cruth no ann am meadhan sam bith gun cead sònraichte iarraidh. Tha seo san tuigse nach tèid an stuth a chleachdadh air
mhodh a tha tarchuiseach no a mhì-threoraicheas daoine. Feumar tùs an stuth aideachadh mar chòir a’ Chrùin agus feumar tarraing a thoirt air tiotal na sgrìobhainn nuair a thathar ga breacadh mar
phàirt de dh’fhoillseachadh no de sheirbheis eile.
21


Use: 0.4465